"Feumaidh an LOTI ùr a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais"

- Air fhoillseachadh
Tha iomairt air tòiseachadh feuch gun tèid aiseag ùr a thèid an àite an MV Lord of the Isles a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais air Abhainn Chluaidh.
'S e aonadh an GMB a tha air cùl na h-iomairt is taic aca mar-thà bho ghrunn riochdairean coimhearsnachd ann an Inbhir Chluaidh.
Chuir iad litir fhosgailte mun ghnothach gu ruige Prìomh Mhinistear na h-Alba.
Tha iad ag ràdh gum bu chòir dhan chùmhant airson a' bhàta ùir a dhol gu dìreach dhan ghàrradh às aonais pròiseas tairgse a bhith ann.
Chaidh an Lord of the Isles a thogail aig Gàrradh MhicFheargais anns na 1980an is bha i anns na bliadhnaichean mu dheireadh air an t-slighe eadar Malaig is Loch Baghasdail, ged a tha sreath fhada de thrioblaidean air bualadh air an t-seirbheis sin.
Tha muinntir Uibhist a Deas air dèanamh soilleir tric is minig gu bheil cruaidh-fheum cho luath 's a ghabhas air aiseag ùr an àite an LOTI.
A' bruidhinn aig àrd-choinneimh mu sheirbheisean aiseig ann an Uibhist sa Ghiblean, thuirt Rùnaire na Còmhdhail gum bi maoineachadh sa bhuidseat an ath-bhliadhna airson bàta-aiseig ùr do dh'Uibhist a Deas a chur a-mach gu tairgse.

Chaidh an Lord of the Isles a chur air bhog ann an 1989
Tha an GMB ag ràdh gu bheil e deatamach gur e Gàrradh MhicFhearghais a gheibh an cùmhnant sin gus an goireas a chumail fosgailte is dreuchdan an luchd-obrach a ghlèidheadh.
Bha ceannard Gàrradh MhicFhearghais fhèin air seo iarraidh as t-samhradh.
Thuirt Graeme MacThòmais aig an àm nach eil òrdughan 'son bhàtaichean ùra aig Gàrradh MhicFhearghais nuair a bhios obair air an MV Glen Rosa dèanta.
Tha dùil gum bi an obair sin - a tha fada seachad air buidseat is bliadhnaichean air dheireadh - ullamh as t-samhradh 2026.
Dh'fhaillich air a' ghàrradh nas tràithe am-bliadhna cùmhnant eile fhaighinn airson seachd bàtaichean-aiseig dealain a thogail do ChalMac.
Thuirt Mgr MacThòmais ri Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster nach eil "cothrom na Fèinne" ann an-dràsta do ghàrraidhean san Rìoghachd Aonaichte farpais an aghaidh feadhainn à thall-thairis.
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
- Air fhoillseachadh17 Am Màrt
- Air fhoillseachadh14 An Giblean
Ged a ghabh e ris gu bheil an sgainneal mun cuairt air an Glen Sannox is Glen Rosa air cron a dhèanamh air cliù Gàrradh MhicFhearghais, thuirt e gu bheil luchd-obrach gu math tàlantach sa ghàrradh is gum feum iad òrdughan eile fhaighinn gus a' chonnspaid a chur air an cùlaibh.
Tha sreath de riochdairean coimhearsnachd à Inbhir Chluaidh mar-thà air ainm a chur ri litir gus taic a shealltainn do dh'iomairt an GMB.
Nam measg tha buill ionadail bhon Phàrtaidh Làbarach is an SNP aig Holyrood is Westminster, ceannard Làbarach Comhairle Inbhir Chluaidh, is ceannardan nam buidhnean Tòraidheach is SNP aig an ùghdarras ionadail.
Tha cuideachd ceannardan eaglaise air taic a thoirt seachad.
San litir, tha iad ag ràdh gun cuireadh an cùmhant 'son an LOTI ùr a thogail "dìon air a' ghàrradh is cothrom dhan ghàrradh fhèin ath-thogail" às dèidh àm gu math doirbh.
Thuirt iad gu bheil e follaiseach nach iad an luchd-obrach as coireach airson na connspaid a bh' ann leis an Glen Sannox is Glen Rosa, is gum bu chòir cothrom a bhith aca cliù Gàrradh MhicFhearghais a chur air ais mar a bha e gu traidiseanta.
Tha iad ag ràdh nach urrainn do ghàrraidhean ann am Breatainn farpais ri feadhainn thall-thairis, ach nach gabh luach a chur air cho cudromach 's a tha Gàrradh MhicFhearghais gu sòisealta is gu h-eaconomaigeach do dh'Inbhir Chluaidh.
Goirid às dèidh dhan iomairt tòiseachadh, thog buidheann a tha a' riochdachadh luchd-gnothaich ann an Uibhist dragh mu dheidhinn.
Tha Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist ag ràdh gu bheil e deatamach nach toir "cleas poilitigeach" buaidh air a' phròiseas gus aiseag ùr fhaighinn dhan eilean.
Margaidh
Thuirt neach-labhairt bho Chòmhdhail Alba: "'S e margaidh fharpaiseach eadar-nàiseanta a th' ann an togail bhàtaichean is dh'fheumadh cùmhnant poblach sam bith a bhith air a thoirt seachad gu dìreach taobh a-staigh nan riaghailtean a th' ann is sàbhailte bho dhùbhlan laghail.
"Bidh ministearan a' coimhead air gach cùis fa-leth, a' gabhail a-steach an Lord of the Isles, gus co-dhùnadh dè an t-slighe a tha freagarrach is laghail, le sùil cuideachd air buannachd dhan choimhearsnachd.
"Fo na riaghailtean a th' ann, chan eil e comasach cùmhnant a thoirt seachad gu dìreach ach ann an suidheachadh glè shònraichte.
"Tha sinn an-dràsta a' meòrachadh air a' chùis ghothachais agus na h-ath cheumannan a thaobh bàta ùr a thèid an àite an MV Lord of the Isles is dearbhaidh sinn iad seo fhathast".