Gàrradh MhicFhearghais 'son LOTI ùr a thogail

Graeme MacThòmaisTùs an deilbh, Gàrradh MhicFheargais
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Graeme MacThòmais gum feum Gàrradh MhicFhearghais cùmhnantan ùra 'son faighinn seachad air a' chonnspaid co-cheangailte ris an Glen Sannox is an Glen Rosa

  • Air fhoillseachadh

Thuirt ceannard Ghàrradh MhicFhearghais gum bu chòir cùmhnant 'son aiseag ùr a thogail a thèid an àite an MV Lord of the Isles a thoirt dhan chompanaidh gu dìreach às aonais pròiseas tairgse a bhith ann.

A' bruidhinn ri Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster Diciadain, taobh a-muigh, thuirt Graeme MacThòmais nach eil òrdughan 'son bhàtaichean ùra aig Gàrradh MhicFhearghais nuair a bhios obair air an MV Glen Rosa dèanta.

Tha dùil gum bi an obair sin - a tha fada seachad air buidseat is bliadhnaichean air dheireadh - ullamh as t-samhradh 2026.

A' bruidhinn ann an Uibhist a Deas sa Ghiblean, thuirt Rùnaire na Còmhdhail gum bi maoineachadh sa bhuidseat an ath-bhliadhna airson bàta-aiseig ùr do dh'Uibhist a Deas a chur a-mach gu tairgse.

Cha d' fhuair CMAL dearbhadh fhathast am pròiseas a thòiseachadh.

Thuirt Mgr MacThòmais ri buill na comataidh Diciadain gu bheil sùil aig a' chompanaidh air a' chùmhnant 'son an LOTI ùr.

Mura h-eil e comasach an cùmhnant a thoirt seachad gu dìreach, thuirt Mgr MacThòmais gum bu chòir do phròiseas tairgse sam bith a bhith a' beachdachadh air "a' bhuaidh shòisealta".

Tha feum air seo, thuirt e, gus an urrainn do Ghàrradh MhicFhearghais ceann a' mhàide a chumail ri companaidhean togail ann an dùthchannan cèin.

"Tha sinne ro dheònach a bhith a' farpais fhad 's a tha cothrom na Fèinne ann," thuirt e.

"Ach ma tha suidheachadh gus leantainn nuair as urrainn do ghàrraidhean thall-thairis a dhèanamh gu math nas saoire le faochadh cìse, tuarastail nas ìsle aig luchd-obrach is eile, an uairsin cha bhi cothrom na Fèinne ann a chaoidh."

Bha a' chomataidh air cluinntinn nas tràithe Diciadain gun urrainn do ghàrraidhean cèin tric tairgsean 10-20% nas ìsle a chur a-steach na feadhainn san Rìoghachd Aonaichte.

Cha do chleachd CMAL, a tha le Riaghaltas na h-Alba, buaidh shòisealta nuair a thug iad seachad cùmhant sa Mhàrt am-bliadhna 'son aiseagan beaga a thogail do ChalMac.

Ged a bha Gàrradh MhicFhearghais a-staigh air a shon, chaidh an cùmhnant dhan chompanaidh Phòlainnaich, Remontow.

Bha ceist air CMAL am biodh dùbhlan laghail ann nam biodh iad air measadh buaidh shòisealta a chur mar phàirt den phròiseas, is bha an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, air innse roimhe nach rachadh an cùmhnant a thoirt seachad gu dìreach air an dearbh adhbhar sin.

Ach tha Mgr MacThòmais ag ràdh gu bheil feum air feallsanachd ùr nach eil stèidhichte gu tur air a' phrìs as ìsle.

"Tha sinn ag iarraidh prìomhachas air obair anns an Rìoghachd Aonaichte fhèin agus fiù 's far an urrainn dhuinn cùmhnant fhaighinn gun pròiseas tairgse a bhith ann," thuirt e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

"Aiseag a tha sinn ag iarraidh"

Ghabh e ris gu bheil an sgainneal leis an Glen Sannox is Glen Rosa air cron a dhèanamh air cliù Gàrradh MhicFhearghais.

Thuirt e ge-tà, gum feum iad òrdughan eile fhaighinn gus a' chonnspaid sin a chur air an cùlaibh.

Thuirt e gur e "suidheachadh sònraichte" a dh'abhraich an sgainneal is gu bheil luchd-obrach gu math tàlantach sa ghàrradh.

'S e Gàrradh MhicFhearghais fhèin a thog an Lord of the Isles bho chionn 35 bliadhna.

Tha muinntir Uibhist a Deas air dèanamh soilleir tric is minig gu bheil cruaidh-fheum aca cho luath 's a ghabhas air aiseag ùr an àite LOTI is sreath fada de dhuilgheadasan air a bhith aca leis an t-seirbheis aiseig aca.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan air a' mhìos seo chaidh, thuirt am fear-gnothaich Aonghas Caimbeul à Uibhist a Deas gu bheil iad a' cur fàilte air sgeama taice a thaobh trioblaidean aiseig ach gur e aiseag ùr a tha iad ag iarraidh.