Reic Fearann Chlann Dòmhnaill "laghail"

- Air fhoillseachadh
Bha co-dhùnadh Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill (CDLT) an oighreachd a reic "taobh a-staigh cumhachdan laghail nan urrasairean" a rèir Riaghladair Chathrannasan na h-Alba (OSCR).
Chuir an CDLT fearann eachdraidheil Chlann Dòmhnaill Shlèite an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich anns am bheil còrr is 19,200 acair air a' mhargaidh sa Mhàrt.
Bidh seann phrìomh àite-còmhnaidh a' chinn-fheadhna, Caisteal Armadail a tha an-diugh na thobhta, ga reic leis fhèin.
Thuirt OSCR gun do rinn iad sgrùdadh air co-dhùnadh an Urrais gus an tuigeadh iad carson "a bha an reic a' dol air adhart ann an co-theacsa suidheachadh ionmhasail a' chathrannais".
Fhuair an aithisg aca nach do rinn na h-urrasairean càil mì-laghail agus gun do "lean iad comhairle cheart".
Bha cuid ann an Slèite airson agus gun cuireadh an t-Urras dàil air a reic, agus iad a' cumail a-mach gun robh còir aig CDLT bruidhinn ris a' choimhearsnachd ro làimh.
Tha a' bhuidheann-iomairt Save Armadale ag ràdh gu bheil "iad air an uabhasachadh le co-dhùnadh OSCR" an dèidh dhaibh dragh a thogail, agus gu bheil iad a' beachdachadh air ath-thagradh a dhèanamh na aghaidh.
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
- Air fhoillseachadh2 An Giblean
- Air fhoillseachadh1 An Giblean
An dèidh co-dhùnadh OSCR thuirt Bòrd CDLT gu bheil iad "a' reic an fhearainn airson an cathrannas a ghlèidheadh".
"Mura bi atharrachadh ann, tha cunnart ann gum bi an t-Urras banca-briste," thuirt iad.
Tha CDLT ag ràdh gu bheil iad ag aithneachadh cho làidir sa tha cuid a' faireachdainn mun ghnothach, ach gur e an "dleastanas a bhith cùramach, dìcheallach agus ag obair a rèir laghan cathrannais".
Thuirt a' bhuidheann Save Armadale: "Tha dragh mòr, mòr oirnn mu na dh'fhaodas a bhith an dàn don tasglann dualchais a tha fo shealbh Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill agus tha sinn den bheachd gu bheil sin a-nis am fìor chunnart."
Tha CDLT air a ràdh roimhe gu bheil iad an dòchas airgead a gheibh iad bhon reic a chleachdadh airson taigh-tasgaidh ùr a stèidheachadh.
Tha Save Armadale a' sireadh barrantais bhon Urras gun tèid na pàipearan agus an stuth eachdraidheil ann an Taigh-tasgaidh Chlann Dòmhnaill, a tha mar phàirt de na thèid a reic, a chumail san sgìre.
Tha gu meadhan-là Diardaoin aig daoine tairgse a chur a-steach airson na h-oighreachd.
Thuirt Àrd-oifigear CDLT, Alex Stoddart: "Tha sinn air ar brosnachadh leis an ùidh mhòr a sheall daoine san oighreachd, bho dhaoine a tha airson an caisteal agus na gàrraidhean a ghlèidheadh, obraichean a chruthachadh agus taic a chumail ris a' choimhearsnachd."