John Swinney: "Tha an t-àm aig Alba a bhith neo-eisimeileach"

- Air fhoillseachadh
Thuirt John Swinney gu bheil an t-àm ann do dh'Alba a dhol na dùthaich neo-eisimeileach agus "toiseach-tòiseachaidh ùr" a dhèanamh.
Bha Mgr Swinney a' bruidhinn feasgar Diluain air an là mu dheireadh de cho-labhairt an SNP ann an Obar Dheathain.
Gheall e cuideachd lìonra ùr de sheirbheisean GP air feadh na dùthcha far am bi cothrom aig daoine tadhal gun coinneamh a chur air dòigh ro-làimh, agus cuideachd sgeama ùr sponsaireachd 'son luchd-obrach a' chùraim shòisealta.
Thuirt am Prìomh Mhinistear gu bheil poileataigs aig Westminster air gluasad chun na làimhe deise 's gu bheil cothrom aig Alba slighe eile a thaghadh.
Rinn e coimeas eadar poileataigs an là an-diugh agus linn Mairead Thatcher mar phrìomhaire anns na 80an is 90an.
"Ann an iomadach dòigh tha trioblaidean san Rìoghachd Aonaichte an-diugh stèidhichte air mar a tha poileasaidhean eaconamach na linne sin air fàiligeadh", thuirt Mgr Swinney.
"Siostam, ris an do ghabh pàrtaidhean Westminster, gun robh e ceart gu leòr gun robh cuid a' fàs beartach fhad 's a bha a h-uile duine eile a' faighinn seachad air èiginn"
"'S e gu ìre mar a bha uabhas air daoine mu phoileasaidhean Mairead Thatcher a chuir Alba air an t-slighe a dh'ionnsaigh Pàrlamaid na h-Alba a bhith air a stèidheachadh.
"Tha mi a' creidsinn gum bi uabhas an-diugh mu rèis Westminster chun na làimhe deise ag atharrachadh inbhe na h-Alba a-rithist, bho dhùthaich far a bheil fèin-riaghlaidh, gu dùthaich adhartach, truasail, a tha a' cur fàilte air daoine".
Bha Mgr Swinney mar-thà air planaichean fhoillseachadh aig a' cho-labhairt gum biodh mandat ann airson referendum eile nam faigheadh an SNP mòr-chuid de shuidheachain aig an taghadh an ath-bhliadhna.
Chuir buill taic ris a' phlana sin Disathairne.
Thuirt Sir Keir Starmer, a dh'fheumadh cead a thoirt 'son bhòt eile, roimhe nach robh e a' saoilsinn gum biodh referendum eile air neo-eisimeileachd ann nuair a tha e na phrìomhaire.
Ionadan slàinte is luchd-obrach a' chùraim
Thuirt Mgr Swinney cuideachd na òraid gun tèid 15 ionadan slàinte fhosgladh sa chiad dol a-mach far am faigh daoine coinneamh le dotair teaghlaich gun àm a chur air dòigh ro-làimh.
Bidh na h-ionadan fosgailte eadar meadhan-là is 8f seachd là san t-seachdain, thuirt e, is bidh iad faisg air sgoiltean is àitichean-obrach gus am bi iad goireasach do dhaoine.
Thuirt Mgr Swinney gum bi cothrom mar seo aig daoine a dhol dhan dotair aig àm a tha a' freagairt orra.
Tha e ag ràdh gum bi am pròiseact beò taobh a-staigh bliadhna.
Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear cuideachd sgeama sponsaireachd gus luchd-obrach à thall-thairis fhastadh airson roinn a' chùraim.
Thuirt e gu bheil poileasaidhean Westminster air fàgail nach eil luchd-obrach gu leòr ann 'son dachaighean-cùraim.
"Cuiridh Riaghaltas na h-Alba sgeama sponsaireachd air bhonn 'son luchd-obrach à dùthcannan eile gun urrainn dhaibh obrachadh an seo, gun urrainn dhaibh cìsean a phàigheadh, is gun urrainn dhaibh cuideachadh le dachaighean-cùraim na h-Alba a chumail fosgailte".
Thuirt e gum bi na "ceudan de luchd-obrach ann, comasach air tòiseachadh sa bhad".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Gearran
- Air fhoillseachadh7 An Giblean
- Air fhoillseachadh16 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh14 An Giblean