Misneachd: An cunntas-sluaigh a' cleith bàs na Gàidhlig sa choimhearsnachd

- Air fhoillseachadh
Tha a' bhuidheann-iomairt Misneachd ag iarraidh ceistean ùra mun Ghàidhlig san ath chunntas-sluaigh a bheir dealbh nas fhìre, tha iad ag ràdh, mu chor a' chànain.
Thuirt Misneachd gu bheil am fiosrachadh a thathas a' tional truagh agus a' cleith bàs na Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd.
Tha Màrtainn Mac a' Bhàillidh bhon bhuidhinn ag ràdh nach eil iad "ach a' faighneachd an urrainn dhut Gàidhlig a bhruidhinn, a thuigsinn, a sgrìobhadh agus a leughadh".
Chan eil diofar idir ann eadar cuideigin a tha fileanta agus cuideigin a thòisich an-dè air Duolingo agus feumaidh am fiosrachadh sin a bhith ann, thuirt e.
"Tha e glè mhath gu bheil na h-àireamhan iomlan a' dol suas ach chan eil na h-àireamhan sin ag innse dhuinn sìon mu dheidhinn cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd no san dachaigh no an àite sam bith."
Bha deasbad tro shlighe Achd nan Cànanan Albannach tron phàrlamaid cuideachd mu fhiosrachadh nas mionaidiche is fiù 's nas trice mu shuidheachadh na Gàidhlig.
- Air fhoillseachadh23 An Giblean
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2024
- Air fhoillseachadh22 Am Màrt 2021
Sa chunntas-shluaigh ann an 2011 thuirt 25,000 duine gun robh Gàidhlig aca mar chànan na dachaigh, ach chaidh sin atharrachadh ann an 2022 agus b' e a' cheist dè am prìomh chànan a bh' aig daoine.
Tha Mgr Mac a' Bhàillidh ag ràdh gum feumar fiosrachadh nas mionaidiche a bhith ann mu chomasan dhaoine sa chànan cleas mar a thathas a' dèanamh ann an Èirinn.
Tha e cuideachd ag iarraidh ceistean a sheallas cho tric 's a tha daoine a' cleachdadh na Gàidhlig agus dè an suidheachadh airson planaichean nàiseanta ceart a dhealbh ma tha "a' Ghàidhlig gu bhith soirbheachail san àm ri teachd".
"An ann gach là, aig an taigh, dìreach sa sgoil a-mhàin no turas san t-seachdain no turas sa mhìos agus càite an dèan iad sin. A bheil iad ga dhèanamh air loidhne neo aig tachartasan coimhearsnachd?"
Thuirt Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba gu bheil iad ag aithneachadh cho cudromach is a tha e fiosrachadh susbainteach a thrusadh mun Ghàidhlig.
Thuirt iad gun tèid rannsachadh is co-chomhairleachadh a dhèanamh airson 's gum bi na ceistean as fheumaile air fhaighneachd san ath chunntas-sluaigh.