Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig air a ghlèidheadh

- Air fhoillseachadh
Thèid Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a ghlèidheadh is Riaghaltas na h-Alba air barrachd airgid a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig.
Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle sa Ghearran nuair a thàinig e am bàrr gun cuireadh gearradh £354,000 bhon riaghaltas ann am maoineachadh Bhòrd na Gàidhlig às dhan sgeama.
Ged a thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' cumail buidseat stèidhichte a' Bhùird aig an aon ìre - £5,125,000 - chaidh taic a bharrachd a bh' ann thairis air trì bliadhna a tharraing.
Bha am Bòrd a' cleachdadh an airgid sin am measg eile gus Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a mhaoineachadh.
Chaidh an sgeama a stèidheachadh ann an 2021 is lìonra de dh'oifigearan ag obair gus a' Ghàidhlig a leasachadh aig ìre na coimhearsnachd.
Bha fearg ann an coimhearsnachd na Gàidhlig mun ghnothach is an gearradh a' toirt buaidh air 27 dreuchd a bha a' faighinn taic às.
Dh'innis buidhnean air an robh e a' toirt buaidh gur e "call mòr" a bh' ann dhaibh.
Bha cuideachd ceistean ann carson nach robh Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig ga dhìon mar phàirt de bhuidseat stèidhichte Bhòrd na Gàidhlig.
Tha Riaghaltas na h-Alba a-nise air innse gun tig barrachd airgid gus an sgeama a chumail a' dol.
Sa chiad dol a-mach thèid £175,000 a thoirt seachad gus an sgeama a ghlèidheadh.
Dh'innis an riaghaltas gu bheil iad cuideachd air iarraidh air Bòrd na Gàidhlig "sgrùdadh a dhèanamh air an sgeama is plana ullachadh airson mar a dh’obraicheas e gu seasmhach san àm ri teachd, a’ gabhail a-steach taic is sgrùdadh de na h-oifigearan coimhearsnachd".
Thuirt iad gun toir sin cothrom do mhinistearan beachdachadh air barrachd taice dhan sgeama.


Tha an suidheachadh a' toirt buaidh air 27 buidhnean uile gu lèir.
Thuirt am Prìomh Mhinistear, Humza Yousaf, a tha a' tadhal air Steòrnabhagh Dihaoine, gun robh e glè chudromach gum biodh na dreuchdan a' leantainn.
“Tha mise air a bhith a’ cur ìmpidh air cho cudromach 's a tha e a bhith a’ dìon luchd-obrach a tha a’ tabhann na seirbheis riatanaich seo nar coimhearsnachdan", thuirt e.
"Bidh am maoineachadh a bharrachd seo a’ dìon nan dreuchdan cudromach seo is a’ toirt cothrom do Bhòrd na Gàidhlig roghainnean seasmhach ullachadh tron tèid am prògram seo a ghlèidheadh san àm ri teachd".
Dh'innis Mgr Yousaf cuideachd gu bheil fios aig Riaghaltas na h-Alba mu cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig ann an cultar na h-Alba.
Thuirt e gun robh iad air buidseat Bhòrd na Gàidhlig a dhìon is gu bheil iad a' toirt air adhart Bile nan Cànanan Albannach an-dràsta " a dh’aindeoin nan dùbhlan ionmhais iongantach a tha mu choinneamh Riaghaltas na h-Alba".
Dh'innis Bòrd na Gàidhlig fhèin gu bheil iad a' cur fàilte air an taic-airgid.
"Tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith a’ conaltradh leis na buidhnean air an toir seo buaidh is leanaidh sinn oirnn ag obair còmhla gus a bhith cinnteach gu bheil an sgeama a’ cur ri comas na Gàidhlig air feadh ar coimhearsnachdan", thuirt ceannard a' Bhùird, Ealasaid Dhòmhnallach.
“Tha obair nan oifigearan seo a’ cruthachadh chothroman a tha a’ toirt cumhachd do choimhearsnachdan taghadh dè a tha a dhìth orrasan gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh", thuirt i.
Màrtainn Mac a' Bhàillidh a' bruidhinn air Aithris na Maidne.
Ged a bha luchd-iomairt air iarraidh gun rachadh Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a ghlèidheadh, bha beachdan làidir air nochdadh cuideachd anns na seachdainnean mu dheireadh nach robh feum air sin a-mhàin, ach àrdachadh mòr ann am buidseat na Gàidhlig san fharsaingeachd.
Am measg na chuir an argamaid sin air adhart, bha àrd-oifigear Chomann na Gàidhlig, Dòmhnall MacNèill, is e ag innse do BBC Naidheachdan mar a tha call cosnaidh a' bualadh air CnaG fhèin.
Thuirt Mgr MacNèill aig an àm gum feum Riaghaltas na h-Alba "fada a bharrachd" a chosg air a' chànan ma tha iad airson is gum bi i beò san àm ri teachd.
'S e sin cuideachd beachd na buidhne iomairt Misneachd.
Ged a chuir iadsan fàilte cuideachd madainn Dihaoine air an naidheachd gum bi Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig buan, thuirt iad nach e seo idir deireadh na strì.
"'S e deagh naidheachd a th' ann is tha sinn gu math toilichte math dh'fhaoidte a-nis gum bi na dreuchdan seo air an glèidheadh - sin an rud as cudromaiche san ùine ghoirid", thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd air Aithris na Maidne.
"A' coimhead air adhart ge-tà, se airgead beag a tha seo agus feumaidh sinn cumail oirnn. Tha e math gun robh an riaghaltas deònach èisteachd rinn - tha e a' sealltainn gu bheil cumhachd againn - agus chanamaid an ath rud 's e a bhith ag iomairt gu làidir airson airgead susbainteach a thigeadh an lùib nan atharraichean a tha a' tighinn leis a' bhìle chànan", thuirt e.
Thog Mgr Mac a' Bhàillidh air na suimean tha Misneachd is luchd-iomairt eile ag iarraidh.
"Dh'fheumadh am buidseat bliadhnail aig Bòrd na Gàidhlig a bhith aig £8.5m dìreach a bhith co-ionnan ris na fhuair iad an toiseach ann an 2005.
"Ann an da-rìribh tha iad feumach air fada a bharrachd na sin. Tha e math gu bheil sinn air dearbhadh gu bheil an riaghaltas ag èisteachd rinn, agus an ath rud nuair a thig Bile nan Cànanan a-steach, feumaidh buidseat fada nas fhaisge air £10m sa bhliadhna a bhith aig Bòrd na Gàidhlig", thuirt e.