CnaG: Feum air "fada a bharrachd" a chosg gus a' Ghàidhlig a chumail beò

Dòmhnall MacNèill
  • Air fhoillseachadh

Tha Comunn na Gàidhlig ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba "fada a bharrachd" a chosg air a' chànan ma tha iad airson is gum bi i beò san àm ri teachd.

Nochd am beachd anns na freagairtean aca do cho-chomhairlean air Bile nan Cànanan Albannach.

Tha e a' tighinn aig an dearbh àm 's a tha CnaG ag innse mar a bhios gearraidhean a' bualadh orrasan san ath bhliadhna ionmhais, is seachdain às dèidh dha tighinn am bàrr gu bheil gearraidhean ann am buidseat Bhòrd na Gàidhlig gus buaidh mhòr a thoirt air leasachadh a' chànain.

Dh'innis àrd-oifigear ChnaG, Dòmhnall MacNèill, gu bheil 1.5 dreuchd uile gu lèir gu bhith air a chall acasan.

Tha oifigear iomairt a bha aig CnaG ann an Glaschu air an obair fhàgail is cha tèid an dreuchd a lìonadh às ùr, is tha ceist ann mu obair eile ann am Muile.

A thuilleadh air seo, thèid sgioba Spòrs Gàidhlig a ghearradh bho cheathrar gu dithis.

Tha ceistean air leantainn thar nam bliadhnaichean mu mhaoineachadh Spòrs Gàidhlig, ach thuirt Mgr MacNèill gum bi e fhathast comasach dhaibh obair chudromach a dhèanamh am measg na h-òigridh.

"Mar a tha e ag obair bidh thu ag amas air aon inbheach is dusan duine cloinne. Ma tha dithis agad, 's e 24 duine cloinne an sàs ann an tachartas air choireigin is mar sin thèid againn aig rudan a dhèanamh".

Thuirt e gum bi cothrom ann cuideachd luchd-obrach a thoirt a-steach dhan sgioba air cùmhnantan goirid.

Ged a dh'aidich Mgr MacNèill nach bi am prògram aig an ìre a bu mhiann leis, gheall e gum faigh an òigridh buannachd às.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Dòmhnall MacNèill a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

Is tha e ag ràdh gu bheil e fìor chudromach do Ghàidheil òga gun lean Spòrs Gàidhlig.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach nach eil an òigridh anns na sgoiltean a' call misneachd, gu bheil iad fhathast a' faicinn bhana Spòrs Gàidhlig a' nochdadh is dùil aca ri là làn spòrs nuair a thig e", thuirt e.

A bharrachd air na gearraidhean a th' ann, dh'innis Mgr MacNèill cuideachd gum bi dà mhanaidsear ùr òigiridh aig CnaG, is e ag ràdh gun robh beàrn an sin.

Dhùin co-chomhairle air ionmhas Bhile nan Cànanan Albannach, taobh a-muigh Dihaoine seo chaidh agus dùinidh co-chomhairle Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne is nan Daoine Òga , taobh a-muighair a' bhile Dihaoine seo tighinn.

Dh'innis Dòmhnall MacNèill gu bheil CnaG air "beachdan làidir dha-rìribh" a chur a-steach mar phàirt den phròiseas sin.

Tha e ag ràdh nach eil na suimean a thathar a' cosg air a' Ghàidhlig an-dràsta idir math gu leòr.

"Ma tha amasan aig Alba anns an fharsaingeachd airson a' Ghàidhlig a bhith beò san àm ri teachd, feumaidh fada a bharrachd airgid a chosg air siud seach mar a th' againn an-dràsta.

"Chan eil na buidseatan a th' againn an-dràsta faisg math gu leòr airson a' chùis a dhèanamh air an dùbhlan a tha romhainn - an-dràsta agus anns an àm ri teachd.

"Ma tha sinn ag iarraidh fàs is adhartas a bhith againn, feumaidh airgead tighinn a rèir siud", thuirt e.