BnaG "fhathast a’ coimhead" ri dòighean gus Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a chumail a' dol
- Air fhoillseachadh
Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad fhathast a’ coimhead airson dòighean gus Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a chumail a' dol is dearbhadh ann gu bheil an suidheachadh a' toirt buaidh air 27 buidhnean uile gu lèir.
Thàinig e am bàrr air a' mhìos seo chaidh gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' gearradh £354,000 far bhuidseit a' Bhùird.
'S e airgead a bharrachd a bha seo a bha am Bòrd a' faighinn bhon Riaghaltas thairis air trì bliadhna is cha robh e na phàirt den bhuidseat stèidhichte aca.
Thuirt an Riaghaltas nach b' urrainn dhaibh am maoineachadh eadar-amail a chumail a' dol.
A bharrachd air obraichean aig a' Bhòrd fhèin, tha an gearradh a' bualadh air Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig is air buidhnean air feadh na dùthcha a bha a' faighinn maoineachaidh bhon Bhòrd gus an cuideachadh oifigear a bhith aca.
Tha cuid, am BPA Gàidhealach Ceit Fhoirbeis nam measg, air a ràdh gun robh còir aig an sgeama a bhith taobh a-staigh buidseit stèidhichte a' Bhùird.
Dh'innis am Bòrd bho thùs gun robh iad "diombach" leis an naidheachd is gun robh iad "a' dèanamh argamaid do Riaghaltas na h-Alba gu bheil tuilleadh maoineachaidh riatanach".
Ann an conaltradh ri BBC Naidheachdan, thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad "fhathast a’ coimhead airson dòighean an sgeama ath-fhosgladh agus an obair mhath a tha ga dhèanamh leis na h-oifigearan a chumail a’ dol".
Dhearbh am Bòrd cuideachd na buidhnean air a bheil an gearradh a' toirt buaidh.
Tha an liosta mar a leanas:
Chuir an naidheachd an ceòl air feadh na fìdhle is iomairt làidir air tòiseachadh an aghaidh a' ghearraidh.
Tha cuid de na buidhnean air a dhol air an casan, taobh a-muigh is feadhainn cuideachd air innse gu bheil iad fhèin a' coimhead ri dòighean eile gus an luchd-obrach aca a chumail, taobh a-muigh.
Tha luchd-iomairt na Gàidhlig cuideachd air iarraidh air daoine am beachdan mun ghnothach a dhèanamh follaiseach mar phàirt de cho-chomhairle air Bile nan Cànanan Albannach, taobh a-muigh, a dhùnas Dihaoine.
Dhearbh Bòrd na Gàidhlig cuideachd nach deach Measadh Buaidh Eileanach (ICIA) a dhèanamh a thaobh an t-suidheachaidh a th' ann.
Thuirt iad nach robh feum air sin "oir chan eil atharrachadh air tighinn air Poileasaidh no Ro-innleachd".
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tug iad airgead eadar-amail a bharrachd do Bhòrd na Gàidhlig san trì bliadhna mu dheireadh gus lìonra nan oifigearan Gàidhlig a leudachadh.
Thuirt iad a dh'aindeoin is gu bheil suidheachadh ionmhais fìor dhoirbh romhpa, gu bheil iad air buidseat stèidhichte a' Bhùird a ghlèidheadh, ach nach urrainn dhan airgead eadar-amail leantainn.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad aithneachadh cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig is gu bheil iad 'son is gun tig fàs air suidheachadh a' chànain, is gur e sin as coireach gu bheil iad a' toirt air adhart Bile nan Cànanan Albannach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 Am Màrt
- Air fhoillseachadh5 Am Màrt
- Air fhoillseachadh28 An Gearran
- Air fhoillseachadh29 An Gearran
- Air fhoillseachadh27 An Gearran