Shoirbhich le seòlaidhean deuchainn bàta-aiseig ùir do dh'Ìle

An MV Isle of IslayTùs an deilbh, CMAL
Fo-thiotal an deilbh,

An MV Isle of Islay a' seòladh ann am Muir Mharmara agus na deuchainnean soirbheachail air CMAL a mhisneachadh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh gu math leis na ciad deuchainnean mara aig tè de na bàtaichean-aiseig a thathar a' togail do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn aig Gàradh Cemre Marin Endustri san Tuirc.

Bha iad ann eadar an 22mh agus an 30mh den Chèitean ann am Muir Mharmara le luchd-obrach ChalMac agus CMAL, ris a bheil soithichean na companaidh-aiseig an urra, air bòrd.

Thuirt Stiùiriche Shoithichean CMAL, Jim MacAnndrais: "'S e ceum mòr air adhart a tha seo ann an obair-togail an Isle of Islay.

"Tha an sgioba aig Cemre ag obair gu cruaidh airson an soitheach fhaighinn deiseil a toirt seachad.

"Tha misneachd mhòr ann an dèidh mar a chaidh cho math leis a' chiad ìre de na deuchainnean mara."

Bidh na dàrna deuchainnean aig muir ann ro dheireadh an t-Samhraidh, an dèidh mar a thèid siostam bhataraidhean an t-soithich a chur innte agus an dèidh deuchainnean aig a' chidhe air an t-siostam chumhachd mheasgaichte."

Bidh e comasach dhan bhàta ùr a bhith air a ruith air an dà chuid cumhachd bataraidh agus dìosail.

Nuair a bhios i ann an seirbheis gabhaidh an MV Isle of Islay suas ri 450 neach agus 100 càr, no 14 làraidh air ais agus air adhart a dh'Ìle.

Tha bàta eile, an MV Loch Indaal, cuideachd ga togail aig Gàrradh Cemre an-dràsta airson slighe Ìle a fhrithealadh.

Chan eil e dearbhte cuin a bhios na bàtaichean deiseil airson a dhol ann an seirbheis agus dàil air a bhith air an obair togail.