Màthair 'a' taghadh cò am pàiste a bheir i leatha thar an aiseig'

- Air fhoillseachadh
'S cinnteach gu bheil a bhith a' siubhal le ceathrar chloinne doirbh gu leòr do phàrant shingilte.
Ach do Charole-Anne Galbraith, 33, à Barraigh, bha strì an lùib a bhith a' faighinn a' bhalaich as òige aice dhan ospadal air sgàth thrioblaidean aiseig.
"Cha robh fios agam dè a bu chòir dhomh a dhèanamh," thuirt Ms Galbraith.
"Bha mi ann an suidheachadh nach robh mi riamh, a' taghadh cò den chloinn a dh'fhàgamaid air an eilean."
Le làn-sheirbheis aiseig a' tilleadh gu slighe Bharraigh Diluain, tha gu leòr eileanach fhathast a' ceasnachadh mar bha iad gam fàgail le aiseag nach gabhadh ach 45 neach fad dà mhios.
Leis gur e saor-làithean sgoile na Càisge a th' ann, bha a' mhàthair shingilte airson siubhal leis a' chòrr den teaghlach - ach thuirt i nach fhaigheadh i àite gu leòr air aiseag ChalMac air an t-slighe bho Bhàgh a' Chaisteal chun an Òbain.
B' fheudar dhan ghille aice Crìsdean, a tha ochd bliadhna de dh'aois, an turas a dhèanamh air plèana còmhla ri a sheanmhair - rud a chosg tòrr a bharrachd na chosgadh an t-aiseag.
Thuirt CalMac, ge-tà, nach robh cunnart sam bith ann gun cailleadh iad coinneamh an dotair - leis gun robh Ms Galbraith is Kieran beag riamh le àite air an aiseag.
Gu dearbha, thabhainn CalMac slighe eile cuideachd dhan teaghlach air fad: a dh'Èirisgeidh, gu Loch nam Madadh, 's air adhart gu Ùige an Eilein Sgitheanaich - a leigeadh leotha dràibheadh a Ghlaschu còmhla - fad 350 mile is dusan uair de thìde.

Uallach is troimhe-chèile
A' cheist a th' air a bhith air mòran sa choimhearsnachd agus ann an saoghal na poileataigs: am faodar a ràdh gur e seirbheis "dheatamach" a tha seo, dha-rìribh?
Bha an t-aiseag as àbhaist Barraigh a fhrithealadh, an MV Isle of Lewis, air a bhith a-mach à seirbheis airson dà mhìos ri linn trioblaidean einnsein.
Thill i, mu dheireadh thall, Didòmhnaich.
Gabhaidh ise còrr air 600 neach-siubhail.
Bha comas-giùlain an aiseig a bha na h-àite, an MV Isle of Mull, air a chuigealachadh gu dìreach 45 duine aig a' char as motha air sgàth uidheamachd èiginneach a bhith briste.
Tha fearg air a bhith ann am Barraigh is Uibhist a Deas mun seo bho thoiseach na bliadhna.
- Air fhoillseachadh10 An Gearran
- Air fhoillseachadh11 An Gearran
Tha eczema is trioblaidean slàinte eile air Kieran agus feumaidh e tadhal air ospadal ann an Glaschu gach mìos air sgàth cho dona 's a tha suidheachadh a' chraicinn.
Thuirt Ms Galbraith gun deach a fàgail fo "uallach agus troimh-chèile" leis an t-slighe fìor dhoirbh.
Thuirt i: "An toiseach b' e mi fhèin agus Kieran a bha gus siubhal, ach dh'atharraich na planaichean againn agus mar sin dh'fheuch mi an triùir chloinne eile fhaighinn air an aiseag, ach dh'innis iad nach b' urrainnear an gabhail.
"Tha thu a' faireachdainn ciontach mar mhàthair oir tha thu a' faireachdainn gu bheil thu air fàiligeadh air sgàth nach deadh agad air do chlann a thoirt leat.
"Tha agad ri taghadh cò am pàiste a dh'fhàgas tu."

Seirbheisean Deatamach
Le cuideachadh bho luchd-obrach iondail ChalMac, fhuair Ms Galbraith Daniel, sia, agus Charlotte, 11, air an aiseag.
Chuir Brian Currie, bho Chomataidh Còmhdhail Bharraigh às leth ChalMac nach do choillein iad an dleastanas seirbheis "dheatamach" a lìbhrigeadh.
Thuirt e: "Thathas a' pàigheadh airson seirbheisean ach chan eil iad gan lìbhrigeadh."
Tha luchd-còmhnaidh air feadh nan Eilean Siar air a bhith a' togail an draghan mu cho earbsach 's a tha seirbheisean airson grunn bhliadhnaichean.
Ann an 2023, rinn na ceudan de dhaoine caismeachd tro Ghlaschu gus gearan a dhèanamh an aghaidh aimhreit seirbheis aiseig Uibhist a Deas.
Thuirt eileanaich gun deach am fàgail "nan èiginn" às dèidh do ChalMac seòlaidhean a ghearradh bho Loch Baghasdail gu Malaig air tìr-mòr anns an Ògmhios.
Chaidh an MV Lord of the Isles, a bha a' frithealadh na slighe, a gluasad a dh'Ìle air sgàth dhuilgheadasan càraidh leantainneach leis a' chabhlach.
Dh'iarr luchd-iomairt gun deadh airgead-dìolaidh a thoirt do dh'eileanaich.
Roghainnean Eile
Thuirt CalMac gun robh iad air a bhith a' conaltradh ri Ms Galbraith mu dheidhinn siubhail airson a teaghlaich.
Thuirt neach-labhairt: "Bha e comasach dhuinn àite eile fhaighinn airson Carole-Anne a dhol don ospadal agus shiubhail i còmhla ri triùir den cheathrar chloinne aice.
"Cha robh cunnart sam bith ann gun deadh a' choinneamh ospadail a chall leis gun robh màthair is pàiste riamh gu bhith air an t-seòladh - agus bha roighainnean eile gan tabhainn a leigeadh leis an teaghlach air fad siubhal."
Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil iad an dùil gun tèid seirbheisean riatanach a lìbhrigeadh fon chùmhnant aca le CalMac.
Thuirt neach-labhairt: "Tha sinn ag aithneachadh na buaidhe a thug dàil tilleadh an aiseig air ar coimhearsnachdan eileanach agus tha sinn a' cur romhainn airgead a chur ri seirbheisean aiseig a dhèanamh seasmhach.
"Anns a' bhliadhna a tha romhainn, cuiridh sinn còrr air £530m ri bhith a' cumail aig ìre agus ag àrdachadh ar lìonraidhean agus a' cur ri seasmhachd sheirbheisean air a' chosta an iar agus na h-Eileanan a Tuath."