Ro-innleachd airson dèiligeadh ri teintean monaidh ga moladh

Teine mòr mu mhìle a dh'fhaid san Eilean Sgitheanach a sgap sa Ghiblean
- Air fhoillseachadh
Tha ceannard Comhairle Mhoireibh ag iarraidh àrd-choinneimh gus ro-innleachd ùr a dhealbh ag amas air stad a chur air teintean monaidh agus mar as fheàrr a thèid dèiligeadh riutha.
Tha seo an dèidh teintean a rinn sgrios mòr sa sgìre as t-samhradh seo.
Bha fear am Mòinteach an Damhath air a mheas mar an teine monaidh a bu mhotha a-riamh an Alba.
Dh'iarr am BPA Tòraidheach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Dùghlas Ros, na bu tràithe an t-seachdain seo air Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Holyrood fianais a ghabhail mu na thachair.
A-nis tha ceannard Comhairle Mhoireibh, Kathleen Robasdan, a' moladh plana-gnìomh a dhealbh airson dèiligeadh ri teintean monaidh sa sgìre.
Tha i airson agus gum bi buidhnean poblach agus prìobhaideach an sàs ann.
Beachdachaidh an làn-chomhairle air a' mholadh aice an ath-sheachdain.
Tha i ag iarraidh maoineachaidh bhon dà chuid Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cleas mar a gheibh sgeamaichean airson tuiltean a sheachnadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar
- Air fhoillseachadh9 An Giblean
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal