Cha bhi Kerry Nic a' Phì aig Geamaichean nan Eilean

Kerry Nic a' Phì ann am Bermuda
Fo-thiotal an deilbh,

Kerry Nic a' Phì ann am Bermuda ann an 2013. 'S iomadh bonn a bhuannaich i bhon uairsin

  • Air fhoillseachadh

Tha briseadh-dùil ann dha sgioba nan Eilean Siar air thoiseach air Geamaichean nan Eilean ann an Arcaibh as t-samhradh leis an naidheachd nach bi an lùth-chleasaiche as soirbheachail aca a-riamh a' gabhail pàirt.

Tha Kerry Nic a' Phì air 13 buinn a bhuannachadh eadar triathlon, rothaireachd rathaid is rothaireachd beinne às dèidh dhi tòiseachadh aig geamaichean Bermuda ann an 2013.

Bha dùil aice farpais a-rithist ann an Arcaibh ann an rothaireachd beinne - an còigeamh turas aice aig na geamaichean.

Tha e a-nise air tighinn am bàrr nach bi rothaireachd beinne nam ban ann aig geamaichean Arcaibh às dèidh do chuid de na farpaisich tarraing a-mach.

Thuirt WIIGA gur e "co-dhùnadh doirbh" a bha seo dhan chomataidh ann na Arcaibh is gu bheil iad fhèin "brònach" nach bi Kerry còmhla ris an sgioba.

Bidh na geamaichean ann eadar an 12na is an 18mh den Iuchar.