Co-dhùnadh gu bhith ann mu champas Mhuile

Tobar MhoireTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Bidh coinneamh shònraichte aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Dihaoine gus co-dhùnadh càite am bu chòir campas ùr Mhuile a thogail.

Tha deasbad mòr air a bhith a' leantainn ann am Muile mun làraich bho dhearbh an t-ùghdarras ionadail an-uiridh gum biodh iad a' dol air adhart le àrd-sgoil ùr san eilean.

Thàinig sin is gearanan air a bhith ann mu staid Àrd-sgoil Thobar Mhoire.

Ged a tha cuid airson is gun tèid an sgoil ùr a thogail ann an Tobar Mhoire fhèin, nochd argamaid cuideachd airson a stèidheachadh ann am meadhan an eilein, ann an àite mar Chreag an Iubhair, le beachd gum biodh seo a' freagairt na b' fheàrr air coimhearsnachdan ann am pàirtean eile de Mhuile.

Nam measg bhiodh clann ann an ceann a deas an eilein, a tha an-dràsta a' dol dhan àrd-sgoil san Òban.

Tha suidheachadh Bun-sgoil Thobar Mhoire cuideachd a' toirt buaidh air a' chùis.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag ràdh gur e campas ùr 2-18 a bhios ann aig cosgais £43m is gum feum sgoil-àraich, bun-sgoil is àrd-sgoil a bhith san aon àite.

Tha maoineachadh LEIP a tha iad a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba, tha iad ag ràdh, stèidhichte air goireasan ùra a chur an àite nan goireasan a th' ann ann an Tobar Mhoire, seach modail ùr.

Bha sin na bhriseadh-dùil do chuid a bha ag ràdh gum faodadh bun-sgoil ùr a bhith air a togail ann an Tobar Mhoire is àrd-sgoil ùr ann am meadhan Mhuile.

Acacia agus Emmanuel
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Acacia agus Emmanuel a' fuireach anns an Ros Mhuileach is taic làidir san sgìre airson àrd-sgoil ùr a thogail ann am meadhan Mhuile

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim san Dùbhlachd gum biodh e comasach bun-sgoil is àrd-sgoil ùr a thogail air làraichean eadar-dhealaichte, ach gum feumadh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid cosgaisean sam bith a bharrachd a phàigheadh.

Fhreagair a' chomhairle gun robh na thuirt Jenny Gilruth a' dearbhadh gum feum aona champas a bhith ann.

Thuirt iad gur e uallach mòr a bharrachd nach urrainn dhaibh giùlan a bhiodh ann an làraichean fa leth, is iad ag ràdh gu bheil am pròiseact mar-thà dùbhlanach dhaibh a thaobh ionmhais.

Nochd moladh bho oifigich dealbhachaidh na Comhairle sa Ghearran gur e làrach an ceann a deas Thobar Mhoire a b' fheàrr leotha airson an leasachaidh.

Bha ceithir làraichean air geàrr-liosta agus chaidh an cur san òrdugh a bha oifigich a' meas, taobh a-muigh a bu fhreagarraiche:

  • Ceann a deas Thobair Mhoire

  • Creag an Iubhair

  • Tobair Mhoire (far a bheil àrd-sgoil an eilein an-dràsta)

  • Garbh-Mhonadh

A rèir sgrùdaidh air-loidhne a rinn Comhairle Coimhearsnachd Mhuile, cha tuirt ach 29% de na 665 a thug seachad beachd gur e an làrach ann an ceann a deas Thobar Mhoire a b' fheàrr leotha.

Thuirt 46% gur ann am meadhan an eilein a bu chòir àrd-sgoil a thogail, le bun-sgoil fhathast an Tobar Mhoire.

Marion NicIleathainTùs an deilbh, Marion NicIleathain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Marion NicIleathain a' fuireach ann an Tobar Mhoire. Dh'innis ise dhan BhBC gur e call uabhasach a bhiodh ann dhan bhaile mura biodh bun-sgoil ann

Ged a bha dùil ri co-dhùnadh sa Ghearran, dh'fhoillsich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun robh iad a' cur coinneamh an là an-diugh air dòigh gus barachd ùine a thoirt dhaibh fhèin gus meòrachadh air a' chùis.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad mothachail nach bi a h-uile duine riaraichte, taobh a-muigh leis a' cho-dhùnadh às bith dè thachras, ach gur e cnag na cùise nach eil airgead gu leòr aca 'son dà sgoil a thogail.

"'S e seo a' chosgais as motha a tha a' tighinn oirnn aig àm nuair a tha sinn a' dèanamh cho-dhùnaidhean mu sheirbheisean deatamach airson choimhearsnachdan air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid", thuirt ceannard na comhairle, Jim Lynch.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil tòrr bheachdan eadar-dhealaichte ann mun champas ùr ann am Muile is feumaidh sinn ùine 'son beachdachadh air an fhiosrachadh uile.

"Tha sinn taingeil do choimhearsnachdan airson mar a chaidh iad an sàs sa phròiseas is tha sinn a-nise a' coimhead air adhart ris a' chlach-mhìle a bhios ann le làrach a thaghadh".