Ospadal ùr Loch Abair "a' gluasad air adhart gu math"

Tha muinntir a' Ghearasdain air a bhith ag iomairt còrr air 20 bliadhna 'son ospadail ùir
- Air fhoillseachadh
Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil am pròiseas gus ospadal ùr a thogail sa Ghearasdan a' gluasad air adhart gu math.
Tha bòrd na slàinte ag obair còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd air an ospadal a thèid an àite Ospadal a' Bhelford a tha 60 bliadhna de dh'aois.
Tha dùil gun cosg an t-ospadal ùr £137m.
Thèid a thogail air a' Bhlàr Mhòr, faisg air a' Chaol Abrach, agus tha Riaghaltas na h-Alba air maoineachadh a chur mu choinneimh a' phròiseict ann am buidseat 2025-26.
Tha muinntir Loch Abair air a bhith ag iomairt o chionn còrr air 20 bliadhna airson ospadal ùr fhaighinn.
Neil Gray: 'Chan eil Ospadal a' Bhelford ann an staid math gu leòr'
- Air fhoillseachadh24 An Dàmhair 2024
Gealltanas air airgead 'son ospadail ùir sa Ghearasdan sa Bhuidseat
- Air fhoillseachadh4 An Dùbhlachd 2024
Ospadal nas motha air fàire dhan Ghearasdan
- Air fhoillseachadh27 An Lùnastal
"Fearg" mu ospadal Loch Abair
- Air fhoillseachadh2 An t-Samhain 2022
Dragh às ùr mu ospadal Loch Abair
- Air fhoillseachadh31 Am Màrt 2021
Chaidh tachartas a chumail sa bhaile air an t-seachdain a chaidh far an deach ro-shealladh a thoirt don phoball air coltas an ospadail ùir.
"Bha casg rè ùine againn air cosg airgid-chalpa gu bho chionn ghoirid," thuirt stiùiriche nursaidh NHS na Gàidhealtachd, Louise Bussell.
"Thòisich sinn a-niste am prògram às ùr, tha compàrtaiche againn a-niste ann am Balfour Beatty, agus tha sinn ag adhartachadh na cùise gnothachais gu far am feum e a bhith.
"Tha buidheann ghnìomhach de luchd-ùidhe againn leis a' choimhearsnachd 's tha an luchd-obrach againn gu mòr an sàs anns a' phròiseas a thaobh a bhith a' dealbh 's a' leasachadh an ospadail ùir."