Duaisean an dùbhlan do WIIGA aig Geamannan Arcaibh 2025

Lùth-chleasaiche ann an ArcaibhTùs an deilbh, Kirstin Shearer Photography
  • Air fhoillseachadh

Còig uairean, feasgar Disathairne an 12mh den Iuchar thig bliadhnaichean de dh'obair gu buil le fosgladh Geamannan nan Eilean 2025 ann an Arcaibh.

Bidh na mìltean de luchd-spòrs a' caismeachd tro bhaile Kirkwall, ceòl na pìoba is glaodhraich gu leòr nan cois - ach le aon rud nan inntinn - na farpaisean.

Seo an 20mh turas a thig sgiobaidhean bho thall is a bhos còmhla agus a' chiad turas an Alba bho gheamannan Shealtainn ann an 2005.

Dha cuid, 's e ceum a bhios annta is amasan nas àirde aca. Do chuid eile 's e 'mullach na pioramaid a th' ann, agus iad a' ruighinn ìre nach creideadh iad is iad a' tòiseachadh san spòrs aca.

Tha còrr air 100 duine gu bhith a' riochdachadh nan Eilean Siar am-bliadhna agus thig farpaisich a dh'Arcaibh às 23 eilean eile air feadh an t-saoghail airson farpais ann an 12 spòrs.

'Ola'Tùs an deilbh, Orkney 2025
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh 'Ola' ri fhaicinn air feadh Arcaibh an ath-sheachdain.

Tha buill sgioba WIIGA gu bhith an sàs ann an 8 spòrsan le farpaisich aca ann am boghadaireachd, lùth-chleasachd, badmantan, bobhladh, rothaireachd, ball-coise nam fear, ball-cois nam ban, goilf nam fear, goilf nam ban agus snàmh.

Tha sin a' fàgail nach bi na h-Eileanan an Iar air an riochdachadh ann an gymnastics, squash, triathlon agus chan eil farpaisean losgaidh am measg gheamannan Arcaibh seach mar a bha aig geamannan eile thar nam bliadhnaichean.

Tè eile nach bi an sàs - ged a bha i an dùil a bhith ann - 's i Kerry Nic a' Phì.

Tha farpaisean baidhseagal-beinne gu bhith ann do na fir agus bha iad gu bhith ann do na boireannaich cuideachd, ach bha na farpaisean sin air an tarraing aig a' mhionaid mu dheireadh is cuid den na farpaisich air tarraing a-mach.

Cha bhi Christina NicCoinnich ri faicinn air dà chuibhle ann an Kirkwall a bharrachd.

Tha Christina a' tilleadh chun na h-ìre farpais air a bheil luchd-leantainn rothaireachd na h-Alba an dùil às dèidh stròc air a bhith aice an-uiridh, taobh a-muigh, ach tha geamannan Arcaibh air tighinn rud beag ro thràth.

Cha chuireadh e iongnadh air duine nan nochdadh i aig toiseach rèis anns na h-Eileannan Fàrach ann an 2027.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Leis nach bi Kerry aig na geamannan, tha cothrom aig Kara Hanlon a dhol seachad oirre a thaobh an àireamh bhomn a choisinn duine no tè sam bith do sgioba nan Eilean Siar a-riamh.

Tha 14 buinn aig Kerry. Tha 12 aig Kara aig an ìre seo agus i a' coimhead airson boillsgeadh dòchais aig deireadh bhliadhnaichean doirbha far an tàinig i faisg air àite fhaighinn aig Geamannan Oilimpigeach Pharis 2024, agus far nach deach leatha faighinn gu farpaisean snàimh na cruinne ann an Singapore am-bliadhna.

Tha i a' tighinn a-steach do na farpaisean ann an deagh shunnd ge-tà, is i air tiotal na h-Alba bhuannachadh ann am breaststroke thar 50m, 100m agus 200m aig deireadh na mìos seo chàidh.

An turas mu dheireadh a bha Kara aig Geamannan nan Eilean, chaidh i dhachaigh à Gibraltar le 5 buinn, agus cha chuireadh tu geall na h-aghaidh an dearbh rud - no fiùs na b' fheàrr - a dhèanamh ann an Arcaibh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Fhuair sgioba ball-coise nam ban aig WIIGA bonn airgid bho chionn dà bhliadhna.

Às dèidh cluich gu math san fharpais, chaill iad a' chuairt dheireannach 4-0 ri Bermuda.

Chan eil mòran atharrachaidh air an sguad am-bliadhna agus a dh'aindeoin a bhith a' call rionnagan leithid Kayleigh NicCoinnich ann am meadhan na pàirce agus Chloe NicNeacail eadar na puist, tha Euan MacLeòid den bheachd gu bheil barrachd dhoimhneachd anns an sguad am-bliadhna na bha aig sgioba nam ban a-riamh roimhe.

Thig dearbhadh air sin ro dheireadh na h-ath-sheachdain - ach mar a tha Euan fhèin ag ràdh - buannaich ceithir geamannan agus bidh bonn òir aca.

Bonn òir Geamannan nan Eilean 2025Tùs an deilbh, Kirstin Shearer Photography
Fo-thiotal an deilbh,

Na buinn òir air am bi gach sgioba ag amas.

A bharrachd air Kara agus sgioba ball-coise nam ban, tha e doirbh faicin cò às an tig buinn eile do sgioba nan Eilean Siar.

Chan e gur e cùis 'dhubhach' a tha sin ann an iomadh dòigh ge-tà.

Gach dàrna bliadhna, nochdaidh cuideigin le duais ris nach robh dùil idir.

Eadar Muriel NicLeòid is Mhairi Hall ann an Guernsey, na caileagan, Mary NicLeòid is Heather NicFhionghuin san triple jump ann an Gibraltar, no a' dol air ais na b' fhaide, an sgioba 4x400m a fhuair bonn umha ann am Bermuda, tha an còmhnaidh cuideigin ùr a' glacadh aire.

Am-bliadhna, tha cothrom aig Abbie Stiùbhart leantainn ann an ceumannan nam boireannach a chaidh roimhpe.

Chriochnich Abbie sa chòigeamh àite thar 800m agus thar 1,500m ann an Guernsey nuair a bha i am measg nam farpaiseach a b' òige aig na geamannan.

Tha dà bhliadhna a bharrachd de dh'eòlas agus de mhisneachd aice is i air spionnadh mòr fhaighinn bho na rinn i bho chionn dà bhliadhna.

Na h-aghaidh anns na rèisean sin bha tè a bha air tiotal na Dainmhairg a chosnadh, tè a bha san treas àite aig farpaisean sgoiltean Shasainn agus tè a tha aig àireamh 72 air clàr rangannan an t-saoghail thar 1500m.

Gu bho chionn ghoirid bha Abbie a' dèanamh an treànaidh aice timcheall air an obair sgoile aice, ach le fòcas a-nis air na geamannan tha i a' creidsinn gun tèid aice air ceum a ghabhail suas air a' phòideam ann an Kirkwall.

Chan eil ceist ann gum bi sin na dhùbhlan oir feumaidh sinn a dhol air ais gu geamannan Jersey ann an 2015 airson bonn do WIIGA air an trac lùth-chleasachd - ach feumaidh siud atharrachadh uaireigin!

Fo-thiotal a’ bhidio,

Lùth-chleasaichean WIIGA deiseil

Le taic air tighinn bho Riaghaltas na h-Alba, Comhairle Arcaibh agus SpòrsAlba, 's dòcha gum bi barrachd ùidh aig daoine ann an Alba air na geamannan na bha airson iomadach bliadhna.

Bho thàinig sgioba WIIGA a-steach don chùis ann an 2005 tha beagan de farpais 'Albannach' air tòiseachadh am measg nan sgiobaidhean a thaobh cò aca gheibh an àireamh as motha de bhuinn.

Aig an taigh, tha fios gum bi sgioba Arcaibh a' dèanamh a h-uile sìon a b' urrainn dhaibh feuch sreap suas an clàr, ach tha e doirbh.

'S iad eileannan Arcaibh na h-eileannan a bu lugha (a thaobh sluaigh) a tha air fàilte a chur air na geamannan anns na 40 bliadhna a tha iad air a bhith a' ruith agus mar sin, chan eil uidhir de luchd-spòrs aca ri thaghadh.

Clàr nam bonn aig geamannan Guernsey 2023.Tùs an deilbh, Guernsey 2023
Fo-thiotal an deilbh,

'Earran na h-Alba' air clàr nam bonn aig deireadh Geamannan Guernsey ann an 2023.

Tha meud nan eilean air cuideam a chur air gnothaichean far an raon-cluiche cuideachd.

Tha cosgaisean air fàgail gun do roghanaich cuid de sgiobaidhean gun a bhith a' siubhal a dh'Arcaibh idir.

Tha cosgais co-dhiù £700 air gach neach ann an sgioba WIIGA, agus tha an sguad air fad a' faighinn taic-airgid bho iomadh ceàrnaidh cuideachd, ach bidh iad uile ann an seòmraichean 'dormitory' air leapannan-aidhear airson an t-seachdain.

Tha seo air tachairt iomadach turas roimhe aig geamannan nan eilean is àiteachan-fuirch air a bhith gann ach chan eil ceist ann nach b'e an ullachadh a b' fheàrr do na farpaisich is iad a strì airson gach rud a chuideachas iad air an là mòr aca.

Àite-fuirich 'son Orkney 2025 Tùs an deilbh, Orkney 2025
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh feadhainn a' fuireach ann an sgoiltean airson geamannan Arcaibh.

Ma thèid aca air bonn fhaighinn, no fiù PB, bi iad toilichte - ach tha rudeigin nas fharsainge ann a bhith a' mìneachadh 'soireabhachas' aig Geamannan nan Eilean.

An e mullach pyramid, no ceum a th' unnta?

Am bliadhna bi iad an dà chuid, do dhiofar dhaoine aig diofar àmannan, agus be suid a tha a' fàgail Geamannan nan Eilean sònraichte do geach neach a tha fortanach gu leòr gabhail pàirt.