Bile nan Cànanan "gun fheum"

An t-Oll Conchúr Ó Giollagáin
  • Air fhoillseachadh

Tha Bile nan Cànanan Albannach a chaidh tron Phàrlamaid aig Holyrood bho chionn chola-deug - gun fheum, agus nas laige a-nise na bha e nuair a chaidh a chur air beulaibh na Pàrlamaid an toiseach.

Sin beachd ollamh rannsachadh na Gàidhlig an Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Conchúr Ó Giollagáin.

Bha an t-Oll Ó Giollagáin air a ràdh an-uiridh aig seisean fianais aig Holyrood gur e "reachdas gun fheum" a bhiodh ann oir nach biodh e a' cuideachadh na coimhearsnachd.

Dh'iarr e aig an àm sin gun rachadh dàil air ' bhile - rud nach do thachair.

Tha e ag ràdh gu bheil a-nis na sgìrean a tha gu traidiseanta Gàidhlig an ìmpis a bhith air an slugadh le saoghal na Beurla, 's chan eil dad susbainteach anns a' bhile, tha e ag ràdh, a chuireas bacadh sam bith air sin.

"'S e bile airson biurocrasaidh na Gàidhlig a th' ann an seo, seach bile airson luchd-bruidhinn na Gàidhlig," thuirt an t-Oll Ó Giollagáin air Aithris na Maidne Diluain.

Tha Bile nan Cànanan Albannach, a fhuair taic Holyrood nas tràithe air a' mhìos, air inbhe oifigeil a thoirt don Ghàidhlig agus do dh'Albais airson a' chiad uair.

Sgìrean Sònraichte

Fon bhile, faodar sgìrean ainmeachadh mar "Sgìrean Cànain Sònraichte" far a bheil a' Ghàidhlig aig 20% den t-sluagh no barrachd.

Ach chan eil e soilleir, ann am beachd an Oll Ó Giollagáin, dè bhiodh sin a' ciallachadh gu practaigeach, agus chan eil ro-innleachd no buidseat air a chomharrachadh air a shon.

"Dè tha sin a' ciallachadh?" thuirt e.

"Feumaidh sinn coimhead air a' mhìneachadh a th' anns an achd air na sgìrean sònraichte.

"Tha am mìneachadh sin cho farsainn, 's gu practaigeach dh'fhaodadh an aon inbhe a bhith aig Dùn Phris 's a tha aig Nis ann an Leòdhas.

"Tha e ro fharsainn, ro fhosgailte, agus chan eil e cinnteach gu leòr dè na h-amasan a th' ann," thuirt e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

An t-Oll Conchúr Ó Giollagáin a' bruidhinn ri Dòmhnall Moireasdan air Aithris na Maidne

Bho chionn còig bliadhna, bha an t-Oll Ó Giollagáin am measg buidhne a dh'fhoillsich leabhar stèidhichte air rannasachadh a rinn iad a bha a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig mar chànan labhairte coimhearsnachd ann an cùis-èiginn sna sgìrean traidiseanta.

Thuirt The Gaelic Crisis in the Vernacular Community gum biodh an cànan air a dhol à bith mar chànan coimhearsnachd an taobh a-staigh deich bliadhna.

"Cha deach fhathast oidhirp sam bith a dhèanamh freagairt a thoirt air an fhianais gu bheil coimhearsnachdan dùthchasach na Gàidhlig a' dol a-mach à bith," thuirt e.

"Seo bile airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus airson biurocrasaidh na Gàidhlig.

"Bidh am bile seo a' cumail nam buidhnean poblach a' dol fhad 's a tha an luchd-bruidhinn a' dol a-mach à bith," thuirt e.

Tha e ag iarraidh gun tèid àrd-choinneamh a chumail do choimhearsnachd na Gàidhlig.

"Càite a bheil na sgìrean as làidire? - sin Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd 's mar sin," thuirt e.

"Nam biodh riochdairean ionadail anns na sgìrean sin deònach tighinn còmhla agus deasbad fosgailte onorach a bhith againn bhiodh cùisean fada na b' fheàrr na an dòigh-obrach shamhlachail a tha seo."

Thuirt an t-Oll Ó Giollagáin gum biodh cothrom tro chruinneachadh mar sin "ro-innleachd ùr a stèidheachadh airson na coimhearsnachd".