"Fuasgladh maireannach" a dhìth 'son seirbheisean aiseig Uibhist a Deas

Bha an Lord of the Isles a-mach à seirbheis uair eile an t-seachdain seo
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr Ceannard Comhairle nan Eilean Siar "fuasgladh maireannach" airson seirbheis aiseig Loch Baghasdail an dèidh mar a chaidh a cur dheth uair eile.
Bha an Comh. Pòl Steele a' bruidhinn an dèidh mar a dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn Diluain gun robh trioblaidean teicnigeach aig an MV Lord of the Isles a' fàgail nach biodh seòlaidhean ann eadar Loch Baghasdail, Malaig agus an t-Òban airson co-dhiù trì là.
Nuair a thàinig an naidheachd sa Chèitean gun tug Riaghaltas na h-Alba cùmhnant seirbheisean aiseig a' chosta an iar do ChalMac thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum bu chòir gum bi e na phrìomhachas gum faighear fuasgladh fad-ùineach airson seirbheis Loch Baghasdail.
Tha an Comh. Steele ag ràdh gu bheil mar a tha "clàran-ama gan atharrachadh is seirbheisean tric gan cur dheth a' fàgail gu bheil muinntir Uibhist a Deas a' call misneachd san t-seirbheis air a bheil iad an eisimeil".
Thuirt e: "Tha a' choimhearsnachd uair eile ann an suidheachadh far am feum iad planaichean a chur dheth, tachtartasan a chall agus dèiligeadh ris a' bhuaidh air gnothachasan.
"Mura gabh soitheach eile a lorg tha e soilleir nach eil an cabhlach a th' ann math gu leòr airson seirbheis a chumail ris a' choimhearsnachd seo."
Mus robh "coinneamh èiginn" mu na h-aiseagan ann an Loch Baghasdail sa Ghiblean dh'ainmich Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, maoin gus am faigheadh gnothachasan taic mu choinneamh buaidh buaireadh nan aiseagan.
Chuir Comhairle nan Eilean Sair fàilte air an naidheachd aig an àm ach tha an Comh. Steele a-nis ag ràdh "gum feum luchd-gnothachais ann an Uibhist a Deas soillearachadh cho luath 's a ghabhas air an taic a gheall Riaghaltas na h-Alba".
Thuirt e: "Feumaidh Riaghaltas na h-Alba sealltainn dhaibh nach e dìreach gealltanas a thug iad nuair a bha ìmpidh phoilteataigeach orra gu h-ionadail agus an taic a gheall iad a thoirt seachad dhan fheadhainn a tha a' fulang buaidh buaireadh nan aiseagan."
Thuirt neach-labhairt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' tuigsinn mar a tha dìth sheirbheisean earbsach a' bualadh air muinntir Uibhist, agus gum mìnich iad sna seachdainean a tha romhainn mar a thèid am maoin-taice a chleachdadh,
"Leanaidh sinn oirnn conaltradh le eileanaich airson dèanamh cinnteach gun toir sinn seirbheis aiseig seachad a tha seasmhach agus freagarrach," thuirt iad.
A rèir làrach-lìn ChalMac chaidh gu math leis an obair-chàraidh air an Lord of the Isles, agus tha dùil gum bi seirbheisean air ais dhan àbhaist à Loch Baghasdail Diardaoin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh15 An Giblean