Chaidh aiseag ùr a' Chuain Sgìth a chur air bhog san Tuirc

- Air fhoillseachadh
Chaidh an MV Lochmor, a' chiad tè de na bàtaichean-aiseig a tha gu bhith air slighean Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeirt, a chur air bhog aig gàrradh Cemre Marin Endustri san Tuirc.
Bidh an soitheach ùr agus an MV Claymore, a tha cuideachd ga togail san Tuirc, a' dol an àìte an MV Hebrides.
Bidh tè de na h-aiseagan a' seòladh eadar Ùig is Loch nam Madadh is an tè eile bho Ùig gu ruige an Tairbeart.
Gabhaidh an Lochmor suas ri 450 luchd-siubhail, 100 càr agus 14 carbadan coimeirsealta.
'S i tè de cheithir bàtaichean-aiseig a tha gan togail do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn san Tuirc, agus an treas tè a chuireadh dhan uisge.
Bidh an MV Isle of Islay and an MV Loch Indaal a' frithealadh slighe Ìle.
Tha an obair air na h-aiseagan uile air dheireadh.
- Air fhoillseachadh3 Am Màrt
- Air fhoillseachadh27 An Cèitean
- Air fhoillseachadh25 An Cèitean 2023
'S i Kay NicLeòid, a th' air a bhith ag obair airson còrr is 30 bliadhna ann an oifis ChalMac air an Tairbeart, a chuir air bhog an Lochmor gu foirmeil.
Thuirt Àrd-oifigear ChalMac, Donnchadh Mackison: "Tha mi air mo dhòigh gur e neach-obrach a th' air a bhith aig CalMac airson ùine mhòr agus aig a bheil dlùth cheangal ris na h-eileanan a bhios an soitheach seo a' frithealadh a chuir air bhog i."
Tha dùil gum bi an Lochmor ann an seirbheis ann an 2026 agus gum bi an Claymore còmhla rithe beagan mhìosan an dèidh sin.
Bidh tachartas poblach air an Tairbeart an ath-bhliadhna far am faigh luchd-còmhnaidh agus riochdairean bhuidhnean aig a bheil gnothach ris a' phròiseact cuireadh a dhol air bòrd an t-soithich ùir.
Uile gu lèir tha dùil gum bi dusan bàta ùr ann an cabhlach ChalMac ro 2029.
Bho thùs bha dùil gur e an dàrna aiseag a thathar a' togail aig Gàrradh MhicFheargais - air a bheil a-nise an Glen Rosa - a bhiodh a' dol an àite an Hebrides.
Air a' cheann thall chaidh co-dhùnadh gun rachadh dà aiseag a thogail airson slighean nan Eilean Siar is gum biodh an Glen Rosa a' frithealadh air Eileann Arainn.