Bile nan Cànanan ga dheasbad le sreath atharrachaidhean gan cur air adhart
- Air fhoillseachadh
Thèid Bile nan Cànanan Albannach a dheasbad aig Comataidh Foghlaim Pàrlamaid na h-Alba an-diugh is buill air 97 atharrachaidhean a chur air adhart.
Chaidh am bile, taobh a-muigh a thoirt air adhart bho thùs san t-Samhain an-uiridh is e an-dràsta aig an dàrna ìre.
Chuir Pàrlamaid na h-Alba taic ris aig a' chiad ìre san t-Sultain am-bliadhna, ged a chaidh draghan a thogail le grunn bhall mu dè cho èifeachdach 's a tha am bile mar a tha e.
Aig deireadh an deasbaid sin, thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis - air a bheil uallach 'son na Gàidhlig - gu bheil Riaghaltas na h-Alba fhèin "ag aithneachadh gum feum sinn a dhol nas fhaide is nas luaithe ma tha an cànan gu bhith buan".
Gheall i gun robh an Riaghaltas "a' coimhead ri dòighean gus obrachadh thar-phàrtaidh gus am bile seo a neartachadh aig an dàrna ìre agus dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig agus Albais air am bruidhinn anns na sgìrean traidiseanta aca, agus aig an aon àm a' cur ri fàs a tha sinn a' faicinn ann an sgìrean eile air feadh na dùthcha".
Tha a' Bh.Ph. Fhoirbeis a-nise am measg na tha air atharrachaidhean a chur air adhart.
Am measg phuingean a tha i air togail, tha gum feumadh ùghdarrasan ionadail a tha den bheachd gu bheil an sgìre aca no pàirt dhith a' tighinn fon stiùireadh 'son sgìre shònraichte chànain a stèidheachadh ach nach robh a' sireadh na h-inbhe sin, mìneachadh gu poblach ciamar a thàinig iad dhan cho-dhùnadh.
Tha i ag iarraidh cuideachd gum biodh cumhachd aig Bòrd na Gàidhlig moladh do dh'ùghdarrasan ionadail beachdachadh air sgìre shònraichte chànain a chur air dòigh.
A thaobh FtMG, tha gluasad bhuaipe a bhiodh a' toirt cumhachd do Riaghaltas na h-Alba innse do dh'ùghdarrasan foghlaim sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh, ma 's e is gu bheil iad air measadh a dhèanamh gu bheil iarrtas is comas ann ach nach deach sgoil a chur air dòigh.
Tha sreath de dh'atharrachaidhean - 46 uile gu lèir - cuideachd air tighinn bhon BhPA Uaineach Ross Greer.
Nam measg tha gum bi mìneachadh ann air dè tha inbhe oifigeil dhan Ghàidhlig is Albais mar chànanan na h-Alba a' ciallachadh.
Tha Mgr Greer ag ràdh "nach eil seo a' ciallachadh mòran" an-dràsta, is gur e "le urram co-ionnan ris a' Bheurla" a bu chòir a bhith ann, ged a tha eòlaichean cànain roimhe air argamaid a dhèanamh nach eil am briathrachas seo fhèin idir a' dol fada gu leòr.
Tha Mgr Greer cuideachd ag iarraidh ath-sgrùdadh air inbhe Shabhal Mòr Ostaig feuch am bu chòir cumhachd a bhith aca ceuman a thoirt seachad, is am BPA Lib Deamach Willie Rennie cuideachd a' moladh sin.
Tha Ross Greer cuideachd ag iarraidh gun tèid slatan-tomhais ùra a stèidheachadh gus measadh a dhèanamh air adhartas le targaidean Gàidhlig, is am BPA Làbarach Mìcheal Marra ag iarraidh gum bi na targaidean fhèin nas soilleire sa chiad dol a-mach.
Beachdaichidh Comataidh an Fhoghlaim, taobh a-muigh air a' bhile bho 09:00m Diciadain.
Tha dùil ris a' bhòt mu dheireadh air a' bhile sa bhliadhn' ùir.