Dàrna criutha do sheirbheis aiseig Chaolas Bharraigh

- Air fhoillseachadh
Tha Còmhdhail Alba air maoineachadh a thoirt do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn airson dàrna criutha fhastadh airson bàta-aiseig an Loch Alainn a tha a' seòladh eadar Èirisgeigh agus Barraigh.
Tha seo airson agus gun gabh seòlaidhean a bharrachd a chur air an t-slighe nas tràithe agus nas anmoiche air an là.
Leigidh e le luchd-siubhail am Barraigh faighinn gu Loch Baghasdail airson a' bhàta-aiseig gu tìr-mòr às an sin, agus bidh cothrom a bharrachd aig daoine an Uibhist a Deas air seirbheisean à Bàgh a' Chaisteil gu ruige an Òbain.
Chuir Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, fàilte air an naidheachd agus iad air a bhith "a' strì airson seo airson co-dhiù 10 bliadhna".
Thuirt e: "Còmhla ri HIE agus HITRANS rinn sinn argamaidean eaconomach làidir airson an t-seirbheis a leasachadh.
Thuirt Ùisdean Robasdan gur e "naidheachd math dha-rìribh" a th' ann is e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain
"Cha deach gabhail ris an argamaid sin gu an-diugh agus tha sin air droch bhuaidh a thoirt air na coimhearsnachdan a tha a' crochadh air an t-seirbheis seo.
"Tha sinn a' cur fàilte air co-dhùnadh Còmhdhail Alba agus CalMac am maoineachadh a thoirt seachad a bheir piseach mòr air an t-seirbheis.
"Aig a' cheart àm feumaidh sinn cuimhneachadh air fulangas na coimhearsnachd a b' fheudar dèiligeadh ri cuingleachaidhean na seirbheis."
Thuirt an Comh Robasdan gum biodh iad "a' putadh airson agus gun tachair e cho luath 's a ghabhas".
Tha am maoineachadh air tighinn an cois cùmhnaint ùir ChalMac do sheirbheisean chost an iar na h-Alba a thòisich gu foirmeil an-diugh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
- Air fhoillseachadh3 An Dàmhair 2023
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh7 Am Faoilleach