Suidheachadh Sgoil Mhuile sa chùirt

- Air fhoillseachadh
Bidh ath-bhreithneachadh laghail ann an Dùn Èideann an-diugh mu sgoil ùr do Mhuile.
Dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid sa Ghiblean 2024 gun rachadh iad air adhart le sgoil ùr is draghan mòra ann mu staid Àrd-sgoil Thobar Mhoire.
'S e sgoil 2-18 a bhios ann le bun-sgoil ùr do Thobar na Moire cuideachd na cois aig cosgais £43m uile gu lèir.
Thòisich deasbad sa bhad is cuid san eilean airson is gum biodh an àrd-sgoil ùr stèidhichte ann am meadhan an eilein, seach ann an Tobar Mhoire.
- Air fhoillseachadh7 Am Màrt
- Air fhoillseachadh17 An Gearran
- Air fhoillseachadh7 An t-Samhain 2024
Thuirt iad gun toireadh sin cothrom do chloinn à pàirtean eile de Mhuile a dhol dhan àrd-sgoil san eilean, an àite falbh dhan Òban mar a tha cuid an-dràsta.
Thuirt an t-ùghdarras ionadail fhèin gu bheil maoineachadh a' phròiseict a' ciallachadh gum feum a h-uile pàirt dheth a bhith air an aon làraich, is mar sin gun cailleadh Tobar Mhoire bun-sgoil nam biodh an leasachadh ann am meadhan an eilein.
Air a' cheann thall, chaidh aontachadh aig coinneimh shradagaich sa Mhàrt am-bliadhna gur ann air làraich ann an Ceann a deas Thobair Mhoire a bhios an campas ùr.
Cha robh luchd-iomairt deònach an t-strì a leigeil seachad ge-tà, agus iad air gealltainn a dhol dhan cùirt gus ath-sgrùdadh laghail fhaighinn.
- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal
- Air fhoillseachadh27 An Lùnastal
- Air fhoillseachadh9 An t-Ògmhios
Bha an tuilleadh chonnspaid ann mun sin is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag ràdh gum feumadh cosgaisean a bharrachd a thigeadh orra tro ath-sgrùdadh cùirte tighinn à buidseat a' phròiseict, rud a thuirt iad a dh'fhaodadh an campas a chur ann an "àite cugallach".
Thuirt an luchd-iomairt gun robh an t-ùghdarras ionadail mar sin a' cur cuideim air a' choimhearsnachd.
Chuir a' chomhairle stad air a' phròiseact rè ùine fhad 's a tha am pròiseas cùirteach a' dol air adhart.
Bidh ath-bhreithneachadh laghail ann an Cùirt an t-Seisein an-diugh, ged a bhios seachdainean ann mus tig co-dhùnadh.